Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill a' toirt sùil air ais air na thachair sa Chiad Chogadh, ceud bliadhna an ama seo.
Air an t-siathamh là deug den Lùnastal bha co-dhiù seachd mìle deug saighdear Albannach ann am Bedford airson trèanadh agus an tuilleadh a' tighinn. Bha an fheadhainn a bh' air am fàgail aig an taigh a' gabhail a-steach mar a bha an saoghal aca air atharrachadh agus na fir air falbh. Agus bha cuid nach robh an aois a' falbh cuideachd.
Tha òran Mhurchaidh 'an 'ic Dhòmhnaill Bhig à Siabost, Cha Mhol mi Fhèin an t-Saighdearachd, air a sheinn le Murchadh MacIllÌosa à Siabost, a' dèanamh dealbh air mar a bhiodh tachairt riutha.
Loisg Breatann a' chiad urchair air a 22mh den Lùnastal agus bha ciad sabaid mhòr aig a' BEF aig Blàr Mons. Chaidh ceithir soithichean-cogaidh Gearmailteach a chuir fodha aig Blàr Heligoland Bight.
Thug DORA, Achd Dìon na Rìoghachd buaidh mhòr air a h-uile duine sa rìoghachd le iomadach rud air a chuingealachdadh neo air a chasg do dhaoine. Chaidh Lord Kitchener, Rùnaire na Stàite airson Cogadh dhan Fhraing a choinneachadh ri Sir Iain French, a bha os cionn feachd Bhreatainn aig an àm, ach cha deach a' choinneamh ro mhath. Cluinnidh sinn cuideachd bàrdachd bho Iain Moireasdan 's e A' Fàgail Port Sheòrsa agus Òran a' Chogaidh Mhòir le Seonaidh Caimbeul à Taobh a Deas Loch Baghasdail am measg bàrdachd eile. Show less