Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,757 playable programmes from the BBC

A' Chiad Chogadh

Episode 6: Sìnt sa Bhlàr 2

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Anns a' phrògram seo, tha Dòmhnall Màrtainn, a bhean Sandra agus Niall MacAmhlaigh a' gabhail cuairt dhan Bheilg agus dhan Fhraing.

Bha 'd a' siubhal air bus, a dh'fhalbh à Inbhirnis, an cois buill bho Chomann Rèisimeid Ghàidhealach na Banrigh.

An-diugh, tha 'd a' gabhail tro sgìre an Somme sa Fhraing, far an deach call brùideil a dhèanamh tro mhìosan an t-samhraidh agus an earraich 1916. Chaidh millean neach a leòn neo a mharbhadh ann am batail a Somme.

Tha 'd a' tadhal air ìomhaigh saighdear Gàidhealach aig cuimhneachean do fheachd a 51st Highland Division aig Beaumont Hamel, agus sgrìobhte fodha, ann an Gàidhlig, na briathran, Là a' Bhlàir 's Math na Càirdean.

Aig La Boisselle, tha 'd a' coiseachd mu chuairt an t-slochd as motha a chruthaicheadh le spreadhadh san talamh air a Western Front - Slochd Lochnagar.

Cluinnear mu taigh-tasgaidh beag do na Sìophartaich, a tha càraid Frangach air cruthachadh anns an t-sabhal aca.

Agus anns a' Bheilg, tha Niall a' faighinn lorg air uaigh bràthair-athar ann an Cladh nan Sìophartach aig Cheddar Villa.

Cluinnear cuideachd mu mar a tha cuirp shaighdearean fhathast gan lorg 100 bliadhna an dèidh làimh, 's mu mar a tha armachd fhathast a' laighe san talamh 's a' marbhadh dhaoine.

Agus ann am baile Ypres, tha Dòmhnall, Sandra agus buill a' Chomainn a' gabhail pàirt ann an seirbheis aig a Menin Gate. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More