Tha an fhaing air a bhith aig cridhe iomadh coimhearsnachd Ghàidhealach fad ùine mhòr. Àite far am bi daoine a' cruinneachadh, àite far am bi fealla-dhà, aimhreit, sgeulachdan, agus àite-obrach gu math trang.
Ach cò ris a tha faingean coltach anns an là an-diugh, leis nach eil an sluagh a bh' ann ann tuilleadh agus obraichean eile làn-uine aig a' chuid as motha? Dè a tha air atharrachadh thar nam bliadhnaichean agus dè a tha air fàire.
Tha gach faing le sgeulachd fhèin.
Chaidh Iain MacDiarmaid gu Flòdaigearraidh san Eilean Sgitheanach far a bheil Gàidhlig na canan làitheil sa bhaile agus aig an fhaing. Choinnich e ri trì ginealaich dhen aon teaghlach: Calum, Niall is Owen MacNeacail. Dh'innis iad mu cho cudthromach 's a tha obair an fhearainn dhaibh agus dhan sgìre.
Choinnich e cuideachd ri Daibhidh MacAonghais, a tha a' faighinn cosnadh làn-thìde bho obair àiteachais. Tha Daibhidh air sgilean na h-obrach a thogail bho athair, is bidh e togail sgilean cànain bho na croitearan a bhios e a' cuideachadh. A thuilleadh orrasan tha e a' bruidhinn ri Eàirdsidh MacNeacail, a tha air a bhith ris an obair fad a bheatha agus aig a bheil sgeulachd èibhinn neo dhà ri innse. Show less