Leth-uair a thìde còmhla ri Gilleasbuig MacDhòmhnaill a' toirt sùil air tachartasan a' chogaidh thairis air an trì seachdainean a dh'fhalbh, ceud bliadhna an ama sa. An t-seachdain sa cluinnidh sinn mu na bha mar mheadhan air a' chogadh tòiseachadh. Gheibh sinn boillsgeadh cuideachd air an seòrsa saoghal a bh' againn ann a 1914 agus mar a bha beatha làitheil air Ghàidhealtachd agus sna h-eileanan aig an àm. Sa phrògram seo cluinnidh mar a ghairm Breatannn cogadh an aghaidh na Gearmailt. Tro ghuthan à tasglann a' BhBC gheibh sinn dealbh air mar a sgaoil an naidheachd am measg iasgairean nan eilean a bh' air a' chost an ear. Cluinnidh sinn cuideachd bàrdachd, Air a' Cheathramh Là de dh'August, a rinneadh le Murchadh Greumach à Griais an Leòdhas agus òran a rinn Aonghas MacEacharna à Tiriodh don Naval Reserve.
Cha robh cùisean furasta dhaibhsan a chaidh dhan Mhailisi a Ghearastan Dheòrsa. Bha uidhir de bhalaich ann agus nach robh àit' gu leòr ann air an son agus chaidh an cuir a Chromartaidh. Aig muir chailleadh a' chiad bàta-aigeil sa chogadh, bàta-aigeil Gearmailteach, U15 le HMS Birminghan a' losgadh oirre. Agus cluinnidh sinn bàrdachd le Eachann MacFhionghain à Beàrnaraigh na Hearadh agus le Ruaraidh MacÀidh, Bàrd Iollaraigh, an Uibhist a Tuath. Show less