Tha an fhaing air a bhith aig cridhe iomadh coimhearsneachd Ghàidhealach fad ùine mhòr.
Àite far am bi daoine a' cruinneachadh, àite far am bi fealla-dhà, aimhreit, sgeuleachdan, agus àite-obrach gu math trang.
Ach cò ris a tha faingean coltach anns an là an-diugh leis nach eil an sluagh a bh'ann ann tuilleadh agus obraichean eile làn-uine aig a' chuid as motha?
Dè a tha air atharrachadh thar nam bliadhnaichean agus dè a tha air fàire.tha gach faing le sgeulachd fhèin.
Anns a' phrògram seo tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ann an Eilean Ratharsair a' coinneachadh ri dithis bhràithrean a tha an sàs ann an croiteareachd, Iain Uilleam agus Anndra Mac Gill Iosa. Show less