Bha Dòmhnall Macleòid à Liùrbost, Leòdhas sna Sìphortaich rè a' Chiad Chogaidh. Bha e a' sabaid san Fhraing, ann am Mesopotamia agus ann am Palestine. Uile gu lèir bha e an sàs ann an seachd thar fhichead batal agus cha d' fhuair e air fòrladh fad a' chogaidh. Nuair a fhuair e dhachaigh sa Ghiblein 1919 bha beathach àraid na chois - lizard air a ghlèidheil ann an glainne! B' e seo lizard a thug cobhair dhà bho bhiastagan san teas agus a bha na chompanach aige rè ùine ann am Palestine. Bha an lizard na annas dhan teaghlach ach cha do rinn Dòmhnall cus bruidhinn mun chogadh a-riamh ri a theaghlach gu aon là, mu dhà bhliadhna mus do bhàsaich e ann an 1981, dh'innis e a sgeulachd do nighean a pheathar, Pat NicLeòid. Show less