Ceud bliadhna air adhart bho thoiseach a' Chiad Chogaidh tha BBC Radio nan Gàidheal ag ìnnse sgeulachd nan Gàidheal a bha sa chogadh fhuilteach seo ann an sreath de phrògraman. Anns a' chiad phrògram de dhà tha an t-Ollamh Mata MacÌomhair aig Carragh-Cuimhne Cogaidh Nàiseanta na h-Alba an Dùn Èideann a' cuimhneachadh air laoich a thuit, a sheanair fhèin nam measg, agus a' faighneachd carson a bu chòir a bhith gan cuimhneachadh? Tha e a' beachdachadh air saoghal nan Gàidheal ron chogadh gus tuigse fhaighinn air an seòrsa beatha a bh' aig Gàidheil mus tàinig an strì mhòr ann an 1914.
Professor Matthew MacIver examines the impact of the Great War on the Highlands and Islands. In the first of two programmes he focuses on life in Gaelic-speaking communities before 1914. Show less