Seo a' chiad earrann den sgeulachd ghoirid, An Sgoth, a sgrìobh an Canèidianach Alasdair Macleòid, a chaochail sa Ghiblean am bliadhna. Rugadh Alasdair air prèiridhean Chanada ach, nuair a bha e na bhalach, ghluais e fhèin 's a theaghlach a Shiorrachd Inbhir Nis ann an Eilean Cheap Breatainn. Choisinn e cliù mhòr, fad 's farsaing, airson a chuid sgrìobhaidh agus cruth na tìre agus spiorad nan daoine an Ceap Breatainn aig cridhe a na bha e a' cur ri pàipear. B' ann airson sgeulachdan goirid a b' ainmeile a bha e agus chaidh dà chruinneachadh dhiubh fhoillseachadh, agus bha an Gibht Caillte Saillte na Fala mar ainm aige air aon dhiubh. Bho chionn faisg air fichead bliadhna chaidh na sgeulachdan eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig do Radio nan Gaidheal agus seo a' chiad earrann den sgeulachd An Sgoth, air a h-eadar-theangachadh le Jo NicDhòmhnaill agus air a leughadh le Dòmhnall Ruadh Mac a' Ghobhainn. Show less