Seo an earrann mu dheireadh den sgeulachd ghoirid, Gibht Caillte Saillte na Fala a sgrìobh an Canèidianach, Alasdair Macleòid, a chaochail sa Ghiblean am bliadhna. Rugadh Alasdair air prèiridhean Chanada ach, nuair a bha e na bhalach, ghluais e fhèin 's a theaghlach a Shiorrachd Inbhir Nis ann an Eilean Cheap Breatainn. Choisinn e cliù mhòr, fad 's farsaing, airson a chuid sgrìobhaidh agus cruth na tìre agus spiorad nan daoine an Ceap Breatainn aig cridhe a na bha e a' cur ri pàipear. B' ann airson sgeulachdan goirid a b' ainmeile a bha e agus chaidh dà chruinneachadh dhiubh fhoillseachadh, agus bha an Gibht Caillte Saillte na Fala mar ainm aige air aon dhiubh. Bho chionn faisg air fichead bliadhna chaidh na sgeulachdan eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig do Radio nan Gaidheal agus seo an earrann mu dheireadh den sgeulachd air a bheil Gibht Caillte Saillte na Fala, air a h-eadar-theangachadh agus air a leughadh le Màrtainn Dòmhnallach. Show less