Tha Iain MacDiarmaid a' coimhead air beatha, buaidh agus ceangalaichean eileanach a' chraoladair agus sgrìobhadair bìdh, Derek Cooper, a chaochail na bu tràithe am bliadhna. Thogadh màthair Derek ann am Port Rìgh agus bha taigh aige fhèin ann. Choisinn e cliù mar fhear-naidheachd lèirsinneach le The Food Programme air Radio 4. Rinn e an t-uabhas gus cùisean sna h-eileanan agus air a' Ghàidhealtachd a thoirt gu aire a' mhòr-shluaigh le a chraoladh agus a sgrìobhadh ann an leabhraichean leithid, Skye. Cluinnidh sinn cuideachd mu shinnsireachd Leòdhasach agus a bheachdan poileataigeach. Show less