Gach madainn ann am Baile Dhubhthaich bidh Alasdair agus Màiri a' dèanamh moch-èirigh airson 's gu faigh iad beagan ùine airson meòrachadh còmhla, a' gabhail an leabhar agus ag ùrnaigh mus èirich a' chlann agus gun cur iad fàilte air là ùr. Cha bhith an sìth agus an sàmhchair a' maireachdainn fada nuair a dh'èireas a' chlann agus bidh an cidsin aig teaghlach MhicAmhlaigh a cheart cho riaslach ri cidsin ann an taighean eile far a bheil clann a' faighinn deiseil airson a dhol dhan sgoil. Tha seòclaid air beul Ceit, tha Emma deiseil agus chan eil Luc a' faireachdainn gu math, ach tha e a' faighinn rabhadh bho Dhadaidh gu feum e fuireach san leabaidh fada an latha an àite èirigh nuair a dh'fhalbhas a h-uile duine! Às dèidh greis dh'fhàs e na b'fheàrr agus chaidh e dhan sgoil . Tha beatha Alasdair agus Màiri trang eadar fònaichean is daoine a' tighinn chun an dorais a' bualadh a' ghlag mhòir! Cha mhòr gu bheil mionaid aca, ach 's math a bhith faighinn air falbh agus ùine a chur seachad còmhla ris a' chloinn. Air an t-seachdain seo bidh sinn a' coinneachadh riutha air a' chladaich ann an Nis agus ag iasgach ann am Breascleit, ged nach robh an t-iasgach soirbheachail bha na làithean-saora math. Show less