Bha a' chiad ceithir mìosan mar mhinistear air Coitheanal Bhaile Dhubhthaich agus Manachainn Rois air leth trang dhan Urramach Alasdair MacAmhlaigh agus a theaghlach, agus iad a' faighinn cleachdte ri beatha, dreuchd, sgoil agus uallaichean ùr agus cuideachd a' cur fàilte air bliadhna ùr anns a' choitheanal aca. Ach an àite a bhith a' cur fàilte air bliadhna ùr anns an dòigh thraidiseanta 's e cungaidhean-leighis is deochan tè a bh' anns a' ghlainne aig Alasdair. Le beagan làithean dheth chaidh iad tarsainn a' Chuain Sgìth a Leòdhas a choimhead air na càirdean agus airson beagan fois fhaighinn.
Bliadhna ùr air thoiseach orra agus 's ann nas trainge a bha gnothaichean a' fàs. Bha aig Alasdair ri deireadh seachdain comanachaidh a chur air dòigh agus an luib seo bha baisteadh gu bhith aige cuideachd, a' chiad comanachadh agus baisteadh. Chuir an t-Urr Alasdair MacAmhlaigh a chùl ri obair rèidio agus telebhisean nuair a lean e an t-slighe chun na ministrealachd. Uill, sin a bha e a' smaointinn. Cha b' fhad' an dèidh dha cead-searmonachaidh fhaighinn gus an deach fios thuige airson seirbheis a chlàradh airson Radio nan Gàidheal airson an t-seirbheis seachdaineach gach Dòmhnach, Dèanamaid Adhradh. Airson an t-seirbheis a' chlàradh bha aig Alasdair ri dhol air ais chun an t-seann togalaich far an do thòisich e a' craobh-sgaoileadh air Rathad Chulduthail ann an Inbhir Nis. Air a thuras fhuair e an cothrom tadhail air an t-seòmar-naidheachd agus facal fhaighinn air cuid dha na caraidean a bha ag obair còmhla ris.
Tha Alasdair tric ri fhaicinn anns a' chùbaid le crogain, bòtainn, is iomadh rud eile airson aire a' choitheanail a ghlacadh - uill, gu h-àraidh an fheadhainn òga - agus bho chionn ghoirid bha crogan de stuth seòclaid gu math feumail airson an ceann-teagaisg aige. Show less