Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,767 playable programmes from the BBC

Iain Òg Ìle

Episode 4

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Am prògram mu dheireadh dhen t-sreath anns a bheil an t-Ollamh Dòmhnall Uilleam Stiùbhart a' toirt sùil air beatha, obair is dìleab an sgoileir agus an fhir-trusaidh beul-aithris Iain Frangan Caimbeul - air neo Iain Òg Ìle, mar a b'aithne dha na Gàidheil e.

Anns a' phrògram an-diugh, bidh Dòmhnall Uilleam a' faighinn a-mach mu na leabhraichean fhèin; dè cho soirbheachail 's a bha iad agus carson a bha am pròiseact seo cho cudromach. Bidh e cuideachd a' faighinn a-mach mu na rinn Iain Òg Ìle às dèidh dha na leabhraichean nochdadh ann an 1860-62, on a bha e fhathast na dhuin' òg an nuair a thàinig am pròiseact seo gu crìch.

Cluinnear mun phròiseact sgoilearail eile anns an deach e an sàs, Leabhar na Fèinne, agus cuideachd mun fharsainneachd de raointean eile anns an robh ùidh aige, ged is ann airson Popular Tales of the West Highlands a choisinn e cliù am measg nan Gàidheal.

Bidh sinn cuideachd a' meòrachadh air an dìleab a dh'fhàg Iain Òg dhan t-saoghal fharsainn ach gu h-àraid do sgoilearan Gàidhlig. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More