An dàrna prògram san t-sreath de cheithir anns a bheil an t-Ollamh Dòmhnall Uilleam Stiùbhart a' toirt sùil air beatha, obair is dìleab an sgoileir agus an fhir-trusaidh beul-aithris, Iain Frangan Caimbeul - air neo Iain Òg Ìle, mar a b'aithne dha na Gàidheil e.
Anns a' phrògram an-diugh, bidh sinn a' faighinn a-mach mu na rinn Iain Òg às dèidh dhan teaghlach aige an oighreachd ann an Ìle a chall. Cluinnear mu chuid de na sgoilearan a thug buaidh air agus a bhrosnaich e gus co-chruinneachadh de sgeulachdan traidiseanta a chur ri chèile. Bidh sinn cuideachd a' faighinn a-mach mu na thug air a dhol an sàs anns a' phròiseact seo agus na h-amasan a bh' aige, agus mu chuid de na daoine a bh' air fhastadh aige airson a dhol timcheall na Gàidhealtachd a' trusadh stòiridhean. Show less