A' chiad fhear ann an sreath de cheithir prògraman anns a bheil an t-Ollamh Dòmhnall Uilleam Stiùbhart a' toirt sùil air beatha, obair is dìleab an sgoileir agus an fhir-trusaidh beul-aithris, Iain Frangan Caimbeul - air neo Iain Òg Ìle, mar a b'aithne dha na Gàidheil e.
B' e mac duin' uasal a bh'ann ach bha Gàidhlig fhileanta aige agus 's e chuir ri chèile na leabhraichean ainmeil Popular Tales of the West Highlands a nochd eadar 1860 agus 1862.
Anns a' phrògram seo, bidh Dòmhnall Uilleam a' tadhal air Ìle, far an do rugadh agus a thogadh Iain Frangag Caimbeul agus a' faighinn a-mach mu na rudan a thug buaidh air na òige. Show less