Rugadh Alasdair MacEacharna, neo Attie mar a b'aithneachear e, ann an 1925. Rugadh e air croit, dlùth do Bhun Easain, a bh' air a bhith san teaghlach airson còrr is 100 bliadhna, an ceann a deas Mhuile.
Bha ceathrar pheathraichean aige agus aon bhràthair.
An dèidh na sgoile, ghabh Attie gu muir, chuir e seachad greis ann an gàrraidhean-iarainn Bhaile Ghobhainn agus na thuathanach. Às a sin, thill e a Mhuile agus gu Eilean Idhe, far an robh e gu mòr an sàs ann an obair-leasachaidh a h-abaid ainmeil.
Rinn Attie a dhachaigh ann a Fionnphort agus bha ùidh mhòr aige ann an eachdraidh agus dualchas Mhuile, 's gu h-àraid, an Ros, an ceann a deas an eilein.
Anns a' phrògram seo, tha e a' bruidhinn mu làithean-sgoile agus ag innse sgeulachdan bhon sgìre.
Chaidh am prògram a chlàradh ann an 2002. Chaochail Attie ann an 2005, aig aois 80 bliadhna. Show less