Rugadh Iain MacIlleMhaoil air 10 Cèitean 1880 ann am Baile na Creige, Eilean Bharraigh. As t-fhoghar 1894, dh'fhàg e a dhachaigh airson gluasad gu Colaiste Blairs air iomall baile Obar Dheathain. Às dèidh còig bliadhna a chur seachad ann am Blairs, ghluais Iain gu Issy agus Saint Sulpice. Nuair a chrìochnaich e oideachas, chaidh a shuidheachadh air 8 Dùbhlachd 1903 ann an Àrd-eaglais an Òbain leis an easbaig Seòras Mac a' Ghobhainn. Chuir e seachad ùine san Òban mus do ghabh e dreuchd mar shagart paraiste Eilean Eige sna h-Eileanan beaga. Ann an 1908 lean e air a Bheinn nam Faoghla.
Às dèidh a' chiad chogaidh, dh'fhàg iomadh teaghlach Alba airson beatha ùr a dhèanamh dhaibh fhèin thall thairis. Air 8 Màrt 1923 shiubhail Maighistir Iain cuide ri faisg air 300 eilthireach à Barraigh is Uibhist 's iad a' dèanamh an slighe gu ruige Canada. Thug iad ceithir là deug a' siubhal tarsainn a' Chuain Shiair air bòrd an t-soithich am Marloch.
Ghabh e àite na shagart paraiste ann an Red Deer, Alberta air taobh an iar Chanada. Chuir e seachad dà bhliadhna an sin agus b' ann fìor thoilichte a bha e nuair a fhuair e brath tilleadh a dh'Alba. Chaidh a stèidheachadh ann am Baile a' Chaolais an toiseach agus ann an 1929 thill e a Bharraigh. Bha e na shagart paraiste ann an eaglais Chille Bharra sa Bhagh a Tuath gu 1935 agus as dèidh sin eaglais Naomh Bhrianain air ais am baile àraich.
Cha robh slàinte math aig fad iomadh bliadhna agus sa Ghiblean 1943 leig e seachad a dhreuchd. Chuir e seachad an còrr de bheatha ann an Athlasdal far a bheil seallaidhean eireachdail den Chuan Siar. Chaochaill e aig aois 72 bliadhna na dhachaigh fhèin air 1 Ògmhios 1951. Chaidh a chur gu fois air là ciùin brèagha ann an Cladh Bhuirgh, air oir a' chuain a bhrosnaich e gu tric gu bàrdachd a chruthachadh.
"Nuair a thairneas mi 'n ospag mu dheireadh
'S thilgeas mi 'n craiceann sa bhuam.
A cnuasachd a measg nach eil maireann
Gheibh mi cladach nam buadh." Show less