'S ann air Anna NicIllFhialain ann an Golair a tha Uilleam a' tadhail an toiseach an-diugh agus e a' cur cròch air a thuras Mu Chuairt Uibhist a Tuath. Tha iad a' tarraing dealbh dhan àrainneachd timcheall agus gu h-àraid air na h-eòin a tha a' tàladh uidhir de dhaoine dhan sgìre.
An uair sin tha Uileam a' coinneach ri Uilleam Dòmhnallach eile agus tha 'd a' bruidhinn air a' bhàrd, Aonghas MacIllFhialain, Aonghas Lachlainn Bhig.
Tha Uilleam a' cur crìoch air an t-sreath le bhith bruidhinn ri Raghnall Iain Dòmhnallach à Baile Mhàrtainn, an duine as sine a rugadh sa thogadh sa bhaile, agus iad a' toirt sgrìob tro eachdraidh a' bhaile agus gu h-àraid a' bruidhinn air croitearachd agus obair na talamhainn. Show less