San dàrna prògram mu dheireadh san t-sreath, tha Uilleam a' faighinn facal air Ceit Ann NicIllFhialain, Ceit Ann Hùna, ann a sgìre Hoigearraidh an Uibhist a Tuath. Tha i ag innse mar a thogadh a seanmhair i agus mar a choimhead i fhèin às a dèidh nuair a thàinig i fhèin gu deireadh a latha. Tha Ceit Ann a' ruith air iomadach cuspair - air a' sgoil, air eachdraidh, air biadh agus air bàrdachd.
Tha Sìneag NicDhòmhnaill à Hoigearraidh a' dèanamh dealbh air an àite agus na daoine. Tha i ag innse mar a bha an duine aice a' dèanamh chisteachan-laighe agus mar a tha am balach aice a' leantain air na neach-adhlaicidh.
Tha Seonaidh Ailean MacIllFhialain ag innse do dh'Uilleam mu obair na feamad anns a robh e sàs, obair le digearan agus obair croitearachd.
Cluinnidh sinn cuideachd òrain bho Raghnall Iain Dòmhnallach agus Julie Fowlis. Show less