An-diugh tha Uilleam ann an còmhradh ri Neillie Fearghasdan mu Ruaraidh MacAoidh, Bàrd Iollaraidh agus Neillie ag innse beagan mu eachdraidh agus a' seinn fear de na h-òrain aige, Òran a' Chianalais. Cluinnidh sinn cuideachd Linda NicLeòd le fear eile de na h-òrain aig Ruaraidh, Ionndrainn Phaibil. Mar a chluinneas sinn aig Neillie, rinn Ruaraidh mòran moladh air na boireannaich ach cha do phòs e idir, agus cluinnidh sin Uisdean MacMhathain le Òran an Aithreachais.
Tha Uilleam an uair sin a' coinneachadh ri Màiri Bell NicFhionghain a thogadh sa Bhaile Shear agus i ag innse mu h-èirigh suas a sin. Aig deireadh a' phrògraim tha sinn a' cluinntinn bho Mhagaidh Flòraidh NicDhòmhnaill, agus i ag innse mar a chailleadh triùir den teaghlach san t-Sultain 1920, mus do rugadh ise, ri linn diptheria. Tha i cuideachd ag innse mar a phòs i a Bhaile Raghnaill agus mar a bha cùisean a sin às dèidh dhaibh am fearann fhaighinn. Show less