Eadar dà sheoladh – a’ chiad fhear air 15mh den Ghiblean 1923 agus an dàrna fear air 29mh den Mhàirt 1924 - dh’fhàg mu chòig cheud eilthireach Beinn na Faoghla, Uibhist a Deas, Èirisgeidh agus Barraigh. Sheòl iad à Loch Baghasdail air bòrd an t-soithich, am Marloch is iad a’ dèanamh air Canada gu St John, New Brunswick. Ach b’ ann air na prèiridhean farsaing a bha iad ag amas aig a' cheann thall. Agus cha b’ e am Marloch an aon soitheach, air na dh’fhalbh na ceudan às na h-eileanan - thug a Metagama agus an Canada an earann fhèin leotha.
Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill air a bhith a' cluinntinn bho eòlaichean, bho theaghlaichean nan eilthireach agus bho chlàraidhean de na h-eilthirich fhèin mu na thachair. Show less