Eadar dà sheoladh – a’ chiad fhear air 15mh den Ghiblean 1923 agus an dàrna fear air 29mh den Mhàirt 1924 - dh’fhàg mu chòig cheud eilthireach Beinn na Fadhla, Uibhist a Deas, Èirisgeidh agus Barraigh. Sheòl iad à Loch Baghasdail air bòrd an t-soithich am Marloch, is iad a’ dèanamh air Canada, gu St John, New Brunswick. Ach b’ ann air na prèiridhean farsaing a bha iad ag amas aig a' cheann thall. Agus cha b’ e am Marloch an aon soitheach, air na dh’fhalbh na ceudan às na h-eileanan - thug a Metagama, an Canada agus soithichean eile an earrann fhèin leotha.
Ach dè thug air àireamh cho mòr na h-eileanan fhàgail aig an àm? Cò a bha gam brosnachadh agus dè a bha a' feitheamh orra ann an Canada? Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill air a bhith a' faighinn a-mach. Show less