"Chan eil unnainn ach eachdraidh, 's chan eil ann an eachdraidh ach cuimhne. 'S chan eil ann an cuimhne ach seòrsa de bhruadar, a tha air innse 's air ath-innse, fad cùrs' ar beatha. 'S mar as fhaide a tha sinn a' siubhal air slighe na beatha, 's ann as lugha a tha ar cuimhne, agus as motha a tha sinn a' cur ris."
Bha Dòmhnall MacLeòid a-riamh airson tuigsinn cò e, 's cò às a thàinig e. Tha e cinnteach gur e na bliadhnaichean a thug e na bhalach òg ann an Circeabost, an Eilean Bheàrnaraigh, Leòdhais a chruthaich e mar phearsa.
Sgrìobh agus dh'aithris e na sgeulachdan tha seo, dhar toirt air ais gu òige, nuair nach robh san teaghlach ach e fhèin agus nuair nach robh timcheall air ach inbhich. Cluinnidh sinn mu àm nuair a bha bò-bhleoghan sa h-uile taigh, agus nuair nach robh an dealan neo am bùrn air a thighinn dha na dachannan. Bha daoine trang a-muigh 's a-staigh ag obair còmhla air mòine 's air caoraich agus bha daoine a-mach 's a-steach à taighean a chèile gun sguir. Am measg sin, bha balach beag a' coimhead, 's ag èisteachd, 's a' ceusnachadh agus a' smaoineachadh mun t-saoghal a bha timcheall air.
'S e sgeulachd dhuilich a th' aig Dòmhnall a seo, agus bò na dachaigh air a leòn agus cha robh càil air a son ach a marbhadh agus feum a dhèanamh dhith dhan teaghlach. Bha Dòmhnall 's an teaghlach gu math ceangailt' ri Daisy agus bha na thachair cianail dhan a h-uile duine bha staigh agus dhan cheann-baile gu lèir. Show less