Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,491 playable programmes from the BBC

Mu Chuairt Uibhist a Tuath

Series 3

Episode 2: Taigh-òsta Westford 2

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

San dàrna prògram san t-sreath tha Uilleam Dòmhnallach a' leantainn air a chuairt mu thaobh an iar Uibhist a Tuath agus, mar iomadach duine eile 's dòcha, tha e air stad greiseag nas fhaide aig Tàigh- òsta Westford. 'S e àite trang a bh' ann agus àite aoigheil. Na chuideachd a' bruidhinn air na làithean a dh'fhalbh, tha Alasdair Linc agus a bharathair-cèile Dòmhnall MacCarmaig. Rinn athair Alasdair, Anndra, òran mun taigh-seinnse, an 'taigh bhiorach' mar a bh'ac air sa sgìre agus cluinnidh sinn sin cuideachd. Tha iad cuideachd a' toirt greis a' bruidhinn air obair croitearachd agus air eilean Hèisgeir.

Às dèidh sin tha Uilleam a' gluasad gu gnìomhachas an ìre mhath ùr san àite, gnìomhachas bèicearachd Ailein MhicIlleathainn a tha air leudachadh gu bùth ann an Ceann a Bhàigh. Tha e cuideachd a' tadhail air Ùrachadh Uibhist, ionad coimhearsnachd agus cafaidh a tha e fhèin gu math soirbheachail, agus Catriona Linc ag innse mar a thàinig e gu bith. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More