San dàrna prògram sa chòmhradh aca, tha Iain MacÌomhair agus Maureen NicLeòid a' leantainn orra len còmhradh mu Zambia. Chaidh Iain a dh'obair ann aig deireadh na 60an agus cha robh an dùthaich an uair sin fada air a bhith neo-eiseamalach. Bhiodh iad a' comharrachadh seo le cuirmean a h-uile bliadhna agus bhiodh Iain agus a cho-obraichean a' faighinn cuireadh thuca. Cò a bh'aig aon chuirm aig a robh Iain ach an Ceann-suidhe Kenneth Kaunda, agus fhuair Iain a-mach gu robh an saoghal tòrr na bu lugha na bha dùil aige!
Cluinnidh sinn tuilleadh bhuaithe mu bhailtean Lusaka agus Kitwe, agus cuideachd mu Rhodesia, mar a bh' air an uair sin, Zimbabwe a' là 'n-diugh, agus e a' faighinn cothrom a dhol a sin bho àm gu àm aig deireadh na seachdain. Ach bha obair eile na tharraing dha agus cha b'ann a Zambia a gheibheadh e air a cholionadh. Gheibh sinn a-mach mar a chuir e cùl ri Afraga agus mar a chuir e aghaidh ri obair an lagh an Alba. Show less