Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 282,091 playable programmes from the BBC

Fear-naidheachd gu Searmonaiche

Series 1

Episode 3: An t-Urr A MacAmhlaigh - bho bhith ag aithris gu bhith a' searmonachadh

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Tha Alasdair air co-dhùnadh a dhèanamh agus e a' gluasad gu tuath gu coitheanal Eaglais Shaor Bhaile Dhùthaich agus Manachainn Rois. Bidh Alasdair dha phòsadh ris a' choitheanal agus 's ann an uairsin a gheibh e eòlas air obair na ministrealachd agus uallach coitheanal air a bhuileachadh air .

Tha gach latha anns an dreuchd ùr eadar-dhealaichte agus, mar a fhuair e fhèin a-mach, 's e obair làn-ùine a th'ann gu dearbha, agus fios ga chur chun a' mhinisteir ann an iomadach suidheachadh - cuid dhiubh sin doirbh ach cuid eile gu math èibhinn. Feumaidh e cuideachd a bhith cuimhneachadh air a theaghlach fhèin, agus sin a' chomhairle a fhuair e bho iomadach ministear a bh'ann roimhe - a bhith cinnteach gun cuireadh e seachad ùine còmhla ris a' chuid chloinne. Tha Alasdair a' tadhail air fèill nan uan ann an Inbhir Pheofharain còmhla ris a' chloinn agus iad a' faicinn na caoraich a bh'aca ann an Leòdhas air an reic. Air a' chiad Nollaig aige ann am Baile Dhùthaich chan e deise dhorcha is coilear geal a bh'air ach deise dhearg, bòtannan is feusag mhòr...... Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More