Anns a' chiad phrògram dh'fhàg sinn Alasdair agus e deiseil dhan Cholaiste agus e ag ullachadh airson cead-searmonachaidh fhaighinn agus a bhith air a shuidheachadh mar mhinistear. An uairsin bhiodh e an dòchas gum faigheadh e fios bho choitheanal gu robh iad ga iarraidh mar mhinistear. Chan eil e ceadaichte do choitheanal fios a chuir gu duine gus am bi iad air cead-searmonachaidh fhaighinn. Anns a' phrògram seo tha sinn a' leantainn Alasdair 's a theaghlach 's iad a' siubhal a Leòdhas agus aige ri dhol air beulaibh ministearan clèir Leòdhais agus na Hearadh.
Bha Màiri gun chadal agus srann aig Alasdair, bha lèine ri iarnaigeadh agus brògan rin càradh! Leis a sin bha cùisean beagan riaslach anns an taigh ann an Nis air a' mhadainn chudromach ud agus Alasdair a' dol air beulaibh na clèir .
Am faigh e air na ceistean a fhreagairt? Am faigh e cead-searmonachaidh? An gabh e na bòidean? Agus ma shoirbhicheas leis, dè an ath cheum airson Alasdair agus a theaghlach? Show less