Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,591 playable programmes from the BBC

Èisteachd is Labhairt

Episode 6: Cò leis a bha a' bhràiste

Duration: 20 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Tha am prògram seo agus prògram na seachdain sa chaidh a' leantainn Freya a tha air saor-làithean ann an Arcaibh agus a' faighinn a-mach mu na Lochlannaich.

Tha i air tadhal air taigh-tasgaidh agus ged nach robh i a' tuigsinn an toiseach carson a bhathas a' cur uiread de shuim ann an nithean Lochlannach, beag air bheag tha i a' tighinn thuige agus air a beò-ghlacadh le na h-ainmean agus na sgeulachdan Lochlannach.

Anns a' phrògram seo tha i a' dol gu Maes Howe cuide ri Manus agus a mhàthair agus a' cluinntinn bhuapa mu Up Helly Aa.

An dèidh gach earrainn dhen phrògram, faighnichidh am preseantair ceistean. Dh'fhaodar iad seo a chleachdadh mar bhunait airson còmhradh clas no leigeil leis a' chloinn bruidhinn mun deidhinn ann an càraidean no ann am buidhnean.

Tha na prògraman air an dealbh gus taic a thoirt do chlann a tha ag obair a dh'ionnsaigh an dàrna ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais.

Tha notaichean tidseir le gnìomhan obrach rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More