Tha am prògram seo agus prògram na seachdain sa chaidh mun a' chàirdeas a tha eadar Ryan agus Mata. Chaill athair Mata obair san dùthaich seo agus ghluais e an teaghlach dhan Fhraing far an d' fhuair e obair ùr. Dh'adhbharaich seo mi-chìnnt a thaobh a' chàirdeas a bha eatorr an dithis bhalach.
An t-seachdain-sa tha Ryan eudmhor nuair a gheibh e a-mach gu bheil caraid ùr aig Mata air a bheil Michel. Aig a' cheann thall, tha iad a' lorg dòigh anns an urrainn dhaibh an càirdeas a chumail an-àird ach an dùil an tèid aca air leantainn leis.
An dèidh gach earrainn dhen phrògram, faighnichidh am preseantair ceistean. Dh'fhaodar iad seo a chleachdadh mar bhunait airson còmhradh clas no leigeil leis a' chloinn bruidhinn mun deidhinn ann an càraidean no ann am buidhnean.
Tha na prògraman air an dealbh gus taic a thoirt do chlann a tha ag obair a dh'ionnsaigh an dàrna ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais.
Tha notaichean tidseir le gnìomhan obrach rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam. Show less