Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,430 playable programmes from the BBC

Èisteachd is Labhairt: Sealladh air Sìona

Episode 6: Co-fharpais nan Còcairean 2

Duration: 20 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Anns a' phrògram seo, tha an luchd-èisteachd a' coinneachadh a-rithist ri Murchadh agus Luce, dithis chloinne à Alba. Tha Murchadh agus Luce a' faighinn thairis air eagal mu shuidheachadh air nach eil iad eòlach agus tha iad a' coinneachadh ri Mrs Chung, aig a bheil bùth a bhios a' reic biadh Sìonach. Tha Mrs Chung ag innse dhaibh mu chòcaireachd Sìonach. An dèidh sin, tha tuigse agus càirdeas a' nochdadh eadar an dà chultar agus an dà ghinealach. Tron phrògram seo agus prògram na seachdain sa chaidh, tha cothrom aig an luchd-èisteachd coimhead air beachdan mu chultar, co-obrachadh, tuigse agus onarachd.An dèidh gach earrainn dhen phrògram, faighnichidh am preseantair ceistean. Dh'fhaodar iad seo a chleachdadh mar bhunait airson còmhradh clas no leigeil leis a' chloinn bruidhinn mun deidhinn ann an càraidean no ann am buidhnean.Tha na prògraman air an dealbh gus taic a thoirt do chlann a tha ag obair a dh'ionnsaigh an dàrna 's an treas ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais.Tha notaichean tidseir le gnìomhan obrach rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More