Anns a' phrògram seo, tha sinn a' leantainn dithis lùth-chleasaichean òga, Andy agus Greg, a tha a' tòiseachadh ann an Acadamaidh Spòrs ùra. Tha sinn a' faighinn sealladh den bheatha eadar-dhealaichte a th' aca an sin. Tha Andy san sgoil tron latha ach tha e doirbh dha cothromochadh fhaotainn eadair obair-sgoile agus an ùine shaor aige. The Greg a' fuireach anns an sgoil agus tha dol gu math leis a thaobh na th' aige ri dhèanamh airson faighinn air adhart. Tha sinn ag ionnsachadh mar as urrainn duine soirbheachadh le trèanadh dian agus inntinn dhearbhach. Thathas cuideachd a' dèiligeadh ri càirdeas, tàlantan agus mì-thuigse cultarail tro chleachdaidhean agus àbhachdas.An dèidh gach earrainn dhen phrògram, faighnichidh am preseantair ceistean. Dh'fhaodar iad seo a chleachdadh mar bhunait airson còmhradh clas no leigeil leis a' chloinn bruidhinn mun deidhinn ann an càraidean no ann am buidhnean.Tha na prògraman air an dealbh gus taic a thoirt do chlann a tha ag obair a dh'ionnsaigh an dàrna 's an treas ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais.Tha notaichean tidseir le gnìomhan obrach rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam. Show less