B' e an Dr Iain MacAonghais fear de phrìomh sgoilearan Gàidhlig agus eòlaichean air beul-aithris na h-Alba.
Rugadh e ann an Sgìr' Ùig an Leòdhas ann an 1930 ach chuir e seachad a' chuid bu mhotha de dh'òige ann an Ratharsair, agus ghabh e ùidh ann an òrain, dualchas agus beul-aithris nan Gàidheal aig aois gu math òg. Chaidh e a dh'obair aig Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1958 far an robh e gus an do leig e seachad a dhreuchd ann an 1993.
Anns an t-sreath phrògraman seo, a chaidh a chraoladh an toiseach ann an 2008, tha Iain a' toirt sùil air ais air a bheatha agus gu seachd àraid air na bliadhnachan a chuir e seachad a' siubhal air feadh Alba a' trusadh beul-aithris airson Sgoil Eòlais na h-Alba. Tha e ag innse dhuinn mu na sgìrean air an do thadhail e agus cuid de na daoine a chlàr e agus na dh'ionnsaich e bhuapa.
Anns a' phrògram seo tha Iain a' toirt thugainn sgeulachdan bho bheul-aithris mu shìthichean, bhocain agus tachartasan os-nàdarra a thog e air feadh na Gàidhealtachd.
Chaochail Iain MacAonghais sa Chèitean. Show less