Anns a' phrògram seo, tha sinn a' coinneachadh ri Seoc agus a phiuthar Sùsaidh a tha a' fuireach ann an Alba, agus Peadar, balach ùr a thàinig dhan sgoil aca à Sìona. Tha sinn cuideachd a' coinneachadh ris na prìomh charactaran san sgoil agus a' faicinn dè a tha eadar-dhealaichte ann an Sìona agus ann an Alba a thaobh sgoiltean is cùisean sòisealta, nam measg am poileasaidh aon leanabh a th' ann an Sìona. Thathas cuideachd a' dèiligeadh ri càirdeas, tàlantan agus mì-thuigse cultarail tro chleachdaidhean agus àbhachdas. An dèidh gach earrainn dhen phrògram, faighnichidh am preseantair ceistean. Dh'fhaodar iad seo a chleachdadh mar bhunait airson còmhradh clas no leigeil leis a' chloinn bruidhinn mun deidhinn ann an càraidean no ann am buidhnean.Tha na prògraman air an dealbh gus taic a thoirt do chlann a tha ag obair a dh'ionnsaigh a' chiad 's an dara ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais.Tha notaichean tidseir le gnìomhan obrach rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam. Show less