Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 275,003 playable programmes from the BBC

Air Mo Chuairt

Tuilleadh beul-aithris Ratharsair

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

B' e an Dr Iain MacAonghais fear de phrìomh sgoilearan Gàidhlig agus eòlaichean air beul-aithris na h-Alba.

Rugadh e ann an Sgìr' Ùig an Leòdhas ann an 1930 ach chuir e seachad a' chuid bu mhotha de dh'òige ann an Ratharsair, agus ghabh e ùidh ann an òrain, dualchas agus beul-aithris nan Gàidheal aig aois gu math òg. Thàinig e a dh' obair aig Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èidinn ann an 1958 far an robh e gus an do leig e seachad a dhreuchd ann an 1993.

Anns an t-sreath phrògraman seo, a chaidh a chraoladh an toiseach ann a 2008, tha Iain a' toirt sùil air ais air a bheatha agus gu seachd àraid air na bliadhnachan a chuir e seachad a' siubhal air feadh Alba a' trusadh beul-aithris airson Sgoil Eòlais na h-Alba. Tha e ag innse dhuinn mu na sgìrean air an do thadhail e agus cuid de na daoine a chlàr e agus na dh' ionnsaich e bhuapa.

Anns a' phrògram seo tha Iain a' toirt thugainn barrachd de dh'eachdraidh agus beul-aithris eilean Ratharsair agus Clann Mhic Gille Chaluim aig an robh e. Am measg gu leòr eile tha e ag innse mu bhàthadh Iain Ghairbh, ceann-cinnidh Clann Mhic Ghille Chaluim agus mun iomadh òran a rinneadh air na thachair.

Chaochail Iain MacAonghais sa Chèitean. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More