Ann am prògram an là 'n-diugh, tha Christine a' tadhal air Dòmhnall Dòmhnallach ann am baile Horgaboist. Aithneachear Dòmhnall mar Dhòmhnall Shàim agus tha eòlas air leth aige air eachdraidh na Hearadh. Rugadh e ann am Mànais ann am Bàigh na Hearadh ann an 1930.
Chaidh Dòmhnall do Bhun-sgoil Mhànais ach, nuair a bha e sia bliadhna gu leth a dh'aois, ghluais an teaghlach gu Horgabost, air a' mhachaire. Ghluais mòran aig nach robh fearann bho na Bàigh aig an àm seo, gu talamh nas fheàrr air taobh an iar Na Hearadh.
Bha ùidh aige bho riamh ann an eachdraidh, dualchas agus òrain Na Hearadh agus chan eil duine cho fiosrach ris air na cuspairean sin anns an eilean an-diugh.
Producer Mairianna MacKenzie. Show less