An-diugh, tha Christine a' coinneachadh ri Màiri NicDhòmhnaill ann am baile Sgarasta. Tha Mairi còrr is ceithear fichead sa h-aon deug agus sgeulachd beatha inntinneach aice. Tro beatha, bha i coimhead às dèidh chloinne, anns na Wrens ann a Lunnainn aig àm a' chogaidh agus a' croiteareachd 's a' dèanamh leabaidh is bracaist air ais anns na Hearadh. Thug i greiseag anns an ospadal ann a Steòrnabhagh le TB agus i ag innse mun a sin. Ach bidh cuimhn' aig a' mhòr-chuid oirre ann an Oifis a' Phuist ann a Sgarasta. Bha Màiri a' ruith Oifis a' bhaile airson 26 bliadhna gus na leig i dhith a dreuchd. 'S mar a tha i fhèin ag innse, mur a biodh a fradharc, bhiodh i an sin fhathast!
Producer Mairianna MacKenzie. Show less