Ann am prògram an là an-diugh, tha Christine a' tadhal air an Taobh Tuath. Tha Fearchar MacLeòid a' tarraing dhealbh air cò ris a bha am baile coltach na òige fhèin. Tha Criosaidh Lawson a' ruith air eachdraidh a' bhaile agus ag innse mu na fìòr sheann làraich a tha mu chuairt; cuid a' dol air ais chun àm Mesolithic. Às a sin, bidh Christine a' cumail oirre suas gu ruige Sgarasta, far am bheil i coinneachadh ri Seòras MacLeòid aig seann Chlach Steineagaidh, ri oir na traghad, a' coimhead a-null gu eilean Tharasaigh.
Producer Mairianna MacKenzie. Show less