Tha Cairstìona Nic an t-Saoir a' toirt Dòmhnall Camshron gu rathad-cùil an Cnapadal am meadhan Earra-Ghàidheal. Tha i a' tòiseachadh aig Òb Chille Mhoire far a bheil tobhtaichean seann bhaile bhon t-siathamh linn deug. Ann an sìth is bòidhchead an àite seo tha tobar a tha na thàladh 's chan ann a-mhàin dhi fhein! Às a sin tha i dol gu Loch a' Choille-Bhàrr. Ri taobh na loch tha teaghlach de dhobhar-choin, neo beaver, air dachaigh a thogail dhaibh fhèin. Show less