Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 282,014 playable programmes from the BBC

Dèanamaid Adhradh

16/06/2013

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:

Salm 68:18, air fonn St David, os cionn na seinn bha an t-Urr Coinneach Fearghasdan le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.

Salm 72, 18-19 air fonn Stornoway, os cionn na seinn bha Aonghas Dòmhnallach le taic bho choitheanal Seamanearaidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh

Leughadh; 1 Corintianaich 15: 34-36 & 42-58

'S e Sgalpach a th' ann an Dòmhnall Iain, agus mar a thuirt e fhèin, "rugadh agus thogadh mi san àite is brèagha de dh'Alba agus am pìos is fheàrr dha na Hearadh". Tha Dòmhnall Iain pòsta aig Heidi, a tha às an Òlaind agus tha dithis chloinne aca.

Mas deach Dòmhnall Iain gu Seamanaraidh na Diadhachd ann an Lunnainn, bha e gu mòr an sàs ann an obair-leasachaidh anns a' sgìre aige fhèin agus e air fhastadh aig Companaidh Leasachaidh na Hearadh Earranta son còig bliadhna. Anns an ùine sin bha e sàs ann am pròiseactan leasachaidh anns a' choimhearsnachd, a' toirt a-staigh còrr air dà mhillean not de thaic airgid bhon a' roinn phoblach agus phrìobhaideach airson pròiseactan a bha nam buannachd dhan sgìre a bha e riochdachadh.
Dh'fhàg e a dhreuchd ann an 2000 agus chaidh e gu Colaiste na Diadhachd ann an Lunnainn far an do chuir e seachad trì bliadhna.
Tha Dòmhnall Iain air a bhith na Chrìosdaidh bho 1988, as dèidh tubaist le car far an do chaill boireannach a beatha. Tha e an dràsta na mhiseanaraidh dachaigh leis an Eaglais Shaor Leantainneach ann an Inbhirnis agus mar phàirt dhan obair aige bidh e siubhail gu deifir sgìrean ann an Alba, agus air feadh an t-saoghail, a' toirt an t-soisgeul gu aire dhaoine. Gu math tric 's ann a-muigh air an t-sràid a bhios e a' searmonachadh.
Tha ùidh mhòr aig Dòmhnall Iain ann a Moldova air taobh an Ear na Roinn Eòrpa agus tha e air tadhail an sin grunn thursan sna bliadhnaichean mu dheireadh. Tha tòrr bochdainn anns a' sgìre seo agus tha Dòmhnall Iain air a thàladh ann leis a' bhuaidh a th' aig suidheachadh nan daoine bochd air agus cuideachd an tarraing spioradail. Tha Dòmhnall Iain an dòchas àit' ùr a thogail dhaibh mar thaigh-ùrnaigh agus cuideachd taic a thoirt dha na teaghlaichean bochda. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More