Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,487 playable programmes from the BBC

Airidh air Urram

Episode 1: An t-Urr Alasdair Macleòid

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Rugadh an t-Urramach Alasdair MacLeòid ann an Asainnt ann an 1786 ach tha cliù aige airson na rinn e ann an Sgìr' Uige an Leòdhas far an robh e na mhinistear bho 1823 gu 1844.

Tha cliù aige mar an fhear a thug an soisgeul gu Leòdhas agus ged nach eil a' chùis, is dòcha, cho sìmplidh sin, chan eil teagamh gun tug e atharrachadh mòr air beatha nan daoine ann an Sgìr' Uig. Bha e aig crìdhe dùsgadh spioradail mhòir sa sgìre agus tha e coltach gu nochdadh còrr is 800 duine aig òrdaighean na h-eaglais aige.

Ach chan ann air creideamh a-mhàin a thug e atharrachadh; bha buaidh mhòr aige air foghlam, dòigh-beatha agus sealladh-beatha nan daoine am measg gu leòr eile - agus bha fiù's ceangal aige ri na fìr-tàileisg! Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More