Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,487 playable programmes from the BBC

Airidh air Urram

Episode 2: Erskine Beveridge

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Sùil air beatha is dìleab Erskine Beveridge, arceòlaiche agus fear-togail-dhealbh aig an robh ceangal dlùth ri Uibhist a Tuath.Rugadh Erskine Beveridge ann an Dun Fàrlain ann am Fiofa ann an 1851 agus bhuineadh e do theaghlach beartach a bha air an cuid airgid a dhèanamh ann an gnìomhachas an anairt.Tha e cliùiteach mar fhear-togail-dhealbh agus mar arceòlaiche, agus 's e an ùidh a bh'aige ann an arceòlas a thug a dh'Uibhist a Tuath an toiseach e. Às dèidh dha iomadh samhradh a chur seachad ann, mu dheireadh, ann an 1902 thog e taigh mòr air eilean Bhàlaigh, eilean mara a tha mu mhìle gu leth far cheann a tuath Uibhist a Tuath.Bha Beveridge am measg nan ciad daoine a bha a' cladhach anns na h-eileanan agus tha a an leabhar a sgrìobh e mar thoradh air a seo, North Uist: Its Archaeology and Topography, fhathast air a chleachdadh le sgoilearan an-diugh. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More