Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,430 playable programmes from the BBC

An Aghaidh an t-Sruth

Episode 1: Dealbh air an Urr Tòmas MacCalmain agus obair

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

'Ann an iomadach dòigh 's e duine cho cudthromach sa bh' air Ghàidhealtachd sa chiad leth dhan fhicheadaibh linn'. Na briathran aig an fhear-naidheachd Màrtainn Dòmhnallach mun Ollamh Urramach Tòmas MacCalmain. Bha am beachd seo stèidhichte air na rinn Tòmas a' seasamh chòirichean chruitearan agus cuideachd a' strì airson leasachadh na Gàidhealtachd san fharsaingeachd. Tha beachd eile ann gur h-e a sgrìobh an àireamh is motha de dh' fhaclan Gàidhlig seach neach sam bith eile, ann an leth-cheud bliadhna de sgrìobhadh rosg. Gheibh sinn measadh air an sgrìobhadh sin bho Raghnall Mac Ille Dhuibh. Tha an t-Ollamh Dòmhall Meek a' toirt thugainn a' phrògram agus ag innse mun àit' a th' aige fhèin ann an sgeulachd Thòmais MhicCalmain. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More