Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,749 playable programmes from the BBC

Slàinte

Episode 4: Tinneas Cridhe

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Anns an t-sreath ghoirid tha seo, tha Moira NicIllEathain a' togail air aon tinneas anns gach prògram agus a' toirt sùil mhionaideach air le eòlaichean agus le feadhainn air a bheil neo air a robh an tinneas.

An-diugh tha Moira a' coimhead ri tinneas-cridhe. Tha i a' bruidhinn ri Seòras Macleòid, an t-Urramach Calum Macleòid agus Mairead NicBhatair a tha air fulang leis an tinneas. Tha sinn a' cluinntinn mar a mhothaich iad an toiseach gu robh rudeigin ceàrr, mar a thachair dhaibh às dèidh sin agus mar a tha iad an-diugh. Tha an Dotair Iain Mac a' Ghobhainn air a bhith na dhotair-teaghlaich fad dà fhichead bliadhna agus tha e a' mìneachadh dè a th' ann an tinneas-cridhe, dè a tha dha adhbharachadh agus ciamar as urrainn dhuinn an cunnart dhuinn fhèin a lùghdachadh. Tha Donna Ghreumach na banaltram a tha cuideachadh dhaoine a tha a' faighinn seachad air obair-lannsa às dèidh tinneas-cridhe agus i ag innse cho cudromach agus a tha dòigh-beatha sa ghnothach agus gu bheil biadh mar 80% dhen sin agus eacarsaich mar 20%. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More