Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,430 playable programmes from the BBC

Tilleadh Dhachaigh gu Sgìre Gheàrrloich

Episode 5

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

'S ann a's an Allt Bheith a tha Ailean Caimbeul agus Uilleam MacRobbie 's iad a' coimhead a-null gu Eilean Iù a tha mu mhìle bhon chladach agus Uilleam ag innse mar a chaidh an tac a bhriseadh na lotaichean.
Rugadh agus thogadh Coinneach MacChoinnich air Eilean Iù agus tha e ag innse mu na làithean tràth aige fhèin ann, mar a bha e a obair a' chroit aig aois 12 còmhla ri mhàthair, agus athair air falbh aig an iasgach agus a bhràithrean ag obair air tìr-mòr.

Tha Uilleam ag innse beagan de eachdraidh Bàrd Inbhir Asdail, Iain Camshron, agus an t-òran ainmeil a rinn e mar chuimhneachan air bràthair athar, Alasdair Camshron, Bàrd Thùrnaig. Chaidh Alasdair ainmeachadh às dèidh Tac Thùrnaig, far a robh e ag obair a' chuid as motha dha bheatha. Cluinnidh sinn Kathleen NicAonghais a' seinn an òrain, Tuireadh Bàrd Thùrnaig.
Ghluais Fionnalgh agus Màiri NicNèill dhan Allt Bheith ann a 1981 nuair a bha Fionnlagh ag obair dhan MOD sa sgìre. Tha Fionnlagh a-nis air a dhreuchd a leigeil dheth agus tha e ag innse mar a tha cùisean air atharrachadh sa sgìre. Tha Màiri ag innse mar a tha i air bhith an luib a' Chomuinn Ghaidhealaich agus am Mòd Ionadail bho ghluais 'ad dhan Allt Bheith.

Allan Campbell and Willie MacRobbie are still in the village of Aultbea viewing Isle Ewe lying about a mile offshore, and Willie describes how original farm was broken into crofts.
Retired Master Mariner Kenneth MacKenzie was born and raised on Isle Ewe and he describes his young days on the island, and at the age of 12 working a large croft with his mother while his father was away fishing and his siblings were also at work on the mainland.
Willie tells Allan a bit about the Inverasdale bard Ian Cameron and the famous song which he composed in memory of his uncle Alexander Cameron, known as the Turnaig Bard after the Turnaig Farm at which he worked most of his life. Kathleen MacInnes is heard singing the song "Tuireadh Bhàrd Thùrnaig"
Finlay MacNeil and wife Mary relocated to Aultbea in 1981 when Finlay served with the MOD security service at the local NATO Depot. Now retired Finlay describes how things have changed in the area over 30 years. Mary MacNeil describes her near 30 years involvement with the local branch of An Comunn Gàidhealach and the Local Mod. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More