Anns an t-sreath ghoirid tha seo, tha Moira NicIllEathain a' togail air aon tinneas anns gach prògram agus a' toirt sùil mhionaideach air le eòlaichean agus le feadhainn air a bheil neo air a robh an tinneas.
An-diugh tha Moira a' coimhead ri tinneas Crohn's. Tha i a' bruidhinn ri triùir: Coinneach MacNeacail agus Donnchadh Dòmhnallach air a bheil an tinneas agus Chrisma NicDhòmhnaill a tha air leigheas ùr fhaighinn. Tha sinn a' cluinntinn mar a mhothaich iad an toiseach gu robh rudeigin ceàrr, mar a bha agus a tha an tinneas dham bualadh thairis nam bliadhna agus mar a tha iad dha làimhseachadh bho là gu là. Tha an Dotair Iain Mac a' Ghobhainn air a bhith na dhotair-teaghlaich fad dà fhichead bliadhna agus tha e a' mìneachadh dè a th' ann an tinneas Crohn's agus dè an cuideachadh a th' ann air a shon. Tha Chrisma air stem-cell transplant fhaighinn, leigheas a tha an ìre mhath ùr, aig a bheil cunnartan na chois agus nach eil mòran dhaoine air fhaighinn, agus tha i ag innse mar a dh'obraich e dhi. Show less