Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,749 playable programmes from the BBC

Slàinte

Episode 1: Trom-Inntinn

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Anns an t-sreath ghoirid tha seo, tha Moira NicIllEathain a' togail air aon tinneas anns gach prògram agus a' toirt sùil mhionaideach air le eòlaichean agus le feadhainn air a bheil neo air a robh an tinneas.

Anns a' chiad phrògram tha Moira a' coimhead ri trom-inntinn. Tha i a' bruidhinn ri dithis, Cathy Mary Nic a' Mhaoilein agus an t-Ollamh Dòmhnall Meek, air a robh an tinneas agus a' cluinntinn mar a mhothaich iad an toiseach gu robh rudeigin ceàrr agus mar a fhuair iad cobhair 's cuideachadh airson faighinn air ais gu slàinte. Tha an Dotair Iain Mac a' Ghobhainn air a bhith na dhotair-teaghlaich fad dà fhiachead bliadhna agus tha e a' mìneachadh dè a th' ann an trom-inntinn, dè a dh'fhaodadh adhbhrachadh agus dè na leigheasan a th' ann air a shon. Tha eòlas dà fhaichead bliadhna aig Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein air a bhith a' cuideachadh agus a' comhairleachadh dhaoine air a bheil trom-inntinn agus, mar a thuirt e fhèin, "Chan e idir cia mheud duine air a bheil an tinneas, ach a bheil e orm fhèin agus dè a nì mi mu dheidhinn?". Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More