Tha Pòl is Dòmhnall Ruairidh a' leantainn air adhart air an turas aca agus iad a' stad ann an Cille Brìghde an Iar far a bheil Lexie Mhoireasdan a' feitheamh riutha agus i ag innse mu chroitearachd san sgìre. Chòrd an dòigh-beatha seo gu mòr rithe fhèin. Cluinnidh sinn mun ghàrradh mhòr agus an eachdraidh air cùl an àite, agus bidh Màiri Ceit Mhoireasdan ag innse mar a thòisich i air gnìomhachas turasachd leis na carabhanaichean. Show less