Bha cuimhne aig Iain Mac a' Ghobhainn (Iain Sheonaidh Smith) nuair a dh'fhàg na daoine Uibhist anns na ficheadan airson beatha ùr ann an Canada, gu robh e fhèin air cidhe Loch Baghasdail nuair a dh'fhàg iad. Bidh Iain cuideachd a' cuimhneachadh air an sgoil-oidhche a bha dol air adhart ann an Sgoil Ghearraidh na Mònadh agus bidh sgeulachdan intinneach aige mun a' phrìs a bha am peannt!
Ann an cuid de thaighean, bha an cidsin ann an aon bhaile agus an rùm-cadail san ath bhaile, mar a tha Iain Mac a' Ghobhainn (Iain Beag Padraig Smith) ag innse ann am prògram na seachdain seo.
Tha Mgr Dòmhnall MacAoidh a' cuimhneachadh air bàrdachd a mhàthair, Ciorstaidh an Dùin,
agus bithear a' toirt iomradh air maighstir-sgoile ainmeil a bh'ann a Sgoil Ghearraidh na Mònadh, Frederick Rea, a sgrìobh an leabhar 'A School in South Uist'. Show less