B' e neach-teagaisg, bàrd, sòisealach, fear-cruinneachaidh òrain 's beul-aithris agus Gàidheal gu smior a bh'ann an Tormod MacLeòid. Rugadh e ann a Port Mhollair sa Rubha a Leòdhas agus bha e a' teagasg ann a Sgoil Loch Croistein an Ùig, a Sgoil a' Chnuic sa Rudha agus ann a Sgoil Lìonail ann a Nis. Bhiodh e a' sgrìobhadh deilbh-chluiche ghoirid a bhiodh aig a' chloinn; a' cruinneachadh facail, abairtean, òrain agus sean-fhacail còmhla riutha; a' sgrìobhadh a h-uile càil le aon chorraig air typewriter; agus an uair sin a' dèanamh leabhraichean de na chruinnich e air am biodh e fhèin a' cur còmhdach. Bha tape recorder aige cuideachd agus 's iomadh òran is eile a chlàr e leis. Bhàsaich Tormod ann a 1968. Anns a' phrògram seo, cluinnidh sinn seinneadairean à sgirean eile a bhiodh a' tighinn a cheilidh neo feadhainn à ceàrnaidhean eile a bha fuireach sa sgìre leithid muinntir nan taighean-solais neo poileas na sgìre.
Bha a' mhòr-chuid dhiubh air an clàradh le Tormod agus cuideachd le mhac, Murchadh ann a Nis. 'S e Murchadh a tha toirt thugainn a' phrògram agus 's e fear-ciùil air leth a bh' ann a Murchadh fhèin air a' mhaileòidian. Duine socair, dàimheil, dibhearsanach, duine a bha na thlachd a bhith na chuideachd. Bhàsaich Murchadh gu h-obann san Iuchar am bliadhna aig aois 80. Show less