Thairis air an dàrna sreath de phrògraman, tha Bella Bhragail agus Pòl Pongail a' stiùireadh sgoilearan gus na sgilean obair-cinn matamataigeach aca a leasachadh. Bheir iad air na sgoilearan a bhith ag obair an aghaidh a chèile, an aghaidh Bella agus Pòl agus an aghaidh a' ghleoca ann an suidheachadh a tha aotram agus tlachdmhòr. Agus, tha cudrom air na sgoilearan a bhith ag obrachadh a-mach freagairtean matamataig nan cinn cho luath 's a ghabhas agus nas luaithe na Bella!
Anns a' phrògram seo tha iad a' feuchainn air geama roller bowl 's tha aca ri sia ceistean a fhreagairt. 'S e cumadh, suidheachadh & gluasad an earrann teagaisg.
Tha na prògraman air an dealbh gus taic a thoirt do chlann a tha ag obair a dh'ionnsaigh na dara ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais. Tha iad cuideachd a' sealltainn cho cudromach 's a tha obair-cinn matamataigeach anns an fharsaingeachd agus anns an t-saoghal mhòr, chan ann a-mhàin a thaobh obair sgoile.
Tha na ceistean 's nam freagairtean a tha anns a' phrògram rim faighinn anns na notaichean tidseir, cuide ri ceistean cruaidh eile, agus tha iad sin rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam.
Producer Una MacDonald. Show less